Colin cropped.jpg

Gabhail Ar Pairt:  Am Faireachadh Pearsanta As Fheàrr

Chuidich an iomairt daoine le cùram a ghabhail do an slàinte chorporra is inntinn

Tha gnìomhachd chorporra deatamach do shlàinte mhath inntinn is cuirp, agus faodaidh atharrachaidhean beaga – mar chuairt coiseachd làitheil còmhla ri caraid – do shunnd a thogail.  Ach le glasaidhean, cuibhreachaidhean agus draghan tro ghalar-sgaoilte a’ Choròna-bhìoras (COVID-19), bha cur mu seach tìde airson do shunnd fhèin nas doirbhe na bha e a-riamh agus dh’fhuiling sunnd na dùthcha air fad.

San Ògmhios 2021 agus cuibhreachaidhean a’ lasachadh, chaidh Am Faireachadh Pearsanta as Fheàrr a chur air bhog gus daoine a chuideachadh le cùram a ghabhail do an slàinte chorporra is inntinn. Le taic bhon ghaisgeach Oilimpigeach Sir Chris Hoy, bha an iomairt , com-pàirteachas eadar spòrsalba agus SAMH (Comunn Slàinte Inntinn na h-Alba), ag amas air na b’ urrainn dhaibh do dhaoine a chuideachadh gu buannachdan fhaireachdainn bho ghnìomhachd chorporra. Chan fheum gnìomhachd chorporra a bhith saothaireil airson a bhith èifeachdach. Cha robh an iomairt mu dheidhinn càrnadh cheumannan, mhìltean no na h-amannan a bu luaithe, ’s ann a bha e mu dheidhinn a bhith a’ lorg do shlighe fhèin gu faighinn air gluasad, gus am biodh am faireachadh pearsanta as fheàrr agad. 

Chaidh acfhainn air-loidhne a leasachadh airson taic a chur ri buidhnean fhad ’s a bha an iomairt ga h-adhartachadh gu mòr le Sgoiltean Gnìomhach agus an lìonraidhean, a thuilleadh air Pannal Spòrs Dhaoine Òga, Sgoiltean Gnìomhach agus an lìonraidhean. Bha innealan agus goireasan air-loidhne bho SAMH rim faotainn agus air an adhartachadh gu làidir do neach sam bith a bha a’ strì le an slàinte inntinn no aig an robh fios air cuideigin a bha.  

Chaidh daoine fad’ is farsaing air feadh na dùthcha an sàs anns an iomairt air na meadhanan sòisealta, a’ postadh bhidiothan a bha a’ mìneachadh nan nithean a tha a’ toirt an fhaireachaidh as fheàrr dhaibh agus a’ brosnachadh chàich gu dèanamh mar an ceudna.

Chaidh mòran sgeulachdan cumhachdach a roinn air feadh na h-iomairt, leithid sgeulachd Chailein. Chuidich e do Chailean a bhrògan ruith a chur air, aig àm a bha e a’ dèiligeadh ris na h-amannan bu duirche a bh’ aige.  

Thòisich Cailean à Arcaibh a’ ruith mar thoradh air cùisean slàinte inntinn a thàinig bho dhèidhealachd air cearrachd agus deoch làidir, a’ dol air ais gu nuair a bha e dìreach 17 bliadhna a dh’aois. A-nis aig aois 42, tha Cailean a’ cur nam mìltean às a dhèidh agus a’ faighinn tlachd bho bhith a’ ruith air a’ bhlàr a-muigh.  

Thuirt Cailean: “B’ àbhaist dhomh a bhith fìor ghnìomhach nuair a bha mi nam bhalach, le goilf agus ball-coise nam prìomh chleasan spòrs agam. Nuair a thionndaidh mi 17 bliadhna a dh’aois, sin an uair a thionndaidh mi gu alcol agus bhithinn dìreach a’ dol air falach ann am bùth nan geall agus a’ tilgeil m’ airgead air falbh.  

“Aig an aois sin, cha robh fios agam dè bha mi a’ dèanamh agus an ìre gu an toireadh e buaidh orm. Bha mi nam èiginn airson buannachd mhòr fhaighinn agus bha e uile mu dheidhinn boile is breislich aon uair ’s gun cuirinn an geall air. Mura tigeadh e a-steach, thionndaidhinn gu deoch làidir airson faochadh a thoirt dom phian.  

“B’ ann mu 6 bliadhna air ais a dh’atharraich cùisean dhomh. An dèidh a dhol tro àm duilich eile leis na dèidhealachdan agam, chuir mo chèile ìmpidh orm a dhol a-mach a ruith agus mura faighinn mo bheatha air ais air a’ chòmhnard, gum b’ e sin e agus gun robh i a-mach air an doras.

“Cho-dhùin mi dèanamh mar a mhol i agus chaidh mi a-mach a ruith mìle no dhà. Nuair a thill mi, ghabh na endorphins thairis agus bha mi a’ faireachdainn na b’ fheàrr sa bhad. Bha ruith a’ toirt dhomh an aon fhaireachdainn de bhoile is de bhreislich ’s a gheibhinn bho chearrachd, ach ann an dòigh a bha mòran nas deimhinniche.

“Bhon uair sin, bhithinn a’ dol a-mach gach madainn, lean mi orm agus beag air bheag bha mi a’ ruith nas fhaide agus nas luaithe.

"Tha ruith air mo chuideachadh le gearradh air ais air an òl, tha mi air sguir a smocadh agus tha e air mo chuideachadh le mo dhèidhealachd air cearrachd.”

Bha Sean Greumach à Baile Dhùn Lèibhe a’ strì gu mòr le a shlàinte inntinn aig àm a’ ghlasaidh, agus bha e ga fhaighinn duilich a dhol a-mach. Ach, nuair a thòisich e a’ coiseachd nam beann còmhla ri a charaidean, thòisich e a’ fosgladh a-mach riutha. As t-samhradh a chaidh, shreap e Beinn Laomainn gus airgead a thogail airson SAMH.

Thuirt Sean: “Bha mi a’ strì ri mo shlàinte inntinn fad bliadhna, an uair sin thàinig an glasadh-sluaigh agus bha mi gu tur glacte annam fhìn. Bha mi a’ tarraing air falbh bho mo charaidean, an-còmhnaidh a’ dèanamh leisgeulan ach an dòchas nach mothaicheadh iad.  

“Thàinig cùisean gu ceann nuair a thòisich mi ag argamaid le mo mhàthair. Mu dheireadh, dh’fhosgail mi a-mach do mo phiuthar, dh’fheuch mi ri innse dhi roimhe ach bha e doirbh dhomh an cuspair a thogail air thuaiream – bha e a’ faireachdainn dhomh mar nach b’ e còmhradh math a bh’ ann a thogail. Mhisnich ise mi gu an dotair fhaicinn agus thòisich mi a’ faighinn a-mach - mar bu mhotha a bhruidhninn mu dheidhinn gur ann a b’ fheàrr a bha e – b’ fheàrr leam gun robh mi air a dhèanamh na bu thràithe.

“Bha dol a-mach air a’ bhlàr a-muigh doirbh tron chiad ghlasadh, bha mi a’ cur seachad tòrr tìde san t-seòmar agam oir bha e a’ faireachdainn mar àite sàbhailte, ach bhiodh mo bhràthair ag ràdh rium gum feumainn a bhith a’ dol a-mach. Sin nuair a thòisich mi a’ coiseachd nam beann còmhla ri mo charaidean.

“Thòisich sinn le bhith a’ dol a dh’àiteachan ionadail airson cuairtean agus thuig mi dìreach cho dall ’s a bha mi do bhòidhchead na h-Alba. Mus do thòisich sinn a’ coiseachd nam beann, b’ e mo chèile an t-aon neach eile ris na bhruidhinn mi mu mo shlàinte inntinn. Tha e comasach dhomh a bhith fosgailte do mo charaidean nuair a tha sinn a-muigh a’ trèanadh, agus chan eil iad a’ dèiligeadh rium ann an dòigh eadar-dhealaichte no a’ gabhail cus cùraim dhìom.

“Tha e air a bhith fìor mhath don t-slàinte inntinn agam. Tha mi air fhaighinn na dhòigh anabarrach math air dèiligeadh ri mo bheatha, fiù an dèidh droch latha faodaidh eacarsaich faireachdainn math a thoirt dhomh."

San Lùnastal chaidh #TrySomethingNew a chur air bhog.  Ged a bha e fhathast na phàirt de Am Faireachadh Pearsanta as Fheàrr, bha seo a’ cuimseachadh air brosnachadh dhaoine gu spòrs no gnìomhachd chorporra fheuchainn nach robh iad air a dhèanamh roimhe. Bha Pannal Spòrs Dhaoine Òga (YPSP) gu mòr an sàs ann an #TrySomethingNew, a’ feuchainn ghnìomhachdan ùra agus a’ brosnachadh chàich gu dèanamh mar an ceudna.  

Dh’fheuch Molly Sands, ball de YPSP, boghadaireachd mar phàirt den dùbhlan. Thuirt i: “Tha faighinn an sàs ann an spòrs ùr no gnìomhachd chorporra na dhòigh mhath do dhaoine air iad fhèin a chur a-mach an sin, daoine ùra a choinneachadh agus nithean ùra fheuchainn."

"Faodaidh e a bhith eagalach a’ feuchainn rudeigin ùr, gu h-àraid mura h-aithnich thu daoine eile an sin. Ach chan eil fios agad dè cho math ’s a chòrdas nì riut agus cò ris a choinnicheas tu, gus am feuch thu air.”

Tuilleadh fiosrachaidh

Mu SAMH

Mu dheidhinn #PlayingOurPart2022

Mu dheidhinn #PlayingOurPart2022 ann am Beurla

Share links

Related Articles

30523 Active Recovery Moray 010.jpg

A’ Dèanamh Diofar

Tha sluagh ann am Moireibh a’ cleachdadh spòrs gus cuideachadh le am beatha atharrachadh

Read More
PD1_6525.jpg

Golf on prescription

Patients in Fife are seeing the mental and physical benefits of sport

Read More
FYPB - Ross 1.jpg

Feel your personal best - Ross

"I’ve really enjoyed trying something a little different to my usual exercise."

Read More